Mission Statement

To Submit Content

Lochiall's Lochaber
(An Latha 'Chi 'S Nach Fhaic)
by Abrach, a Shliochd Shomhairle-Ruaidh
circa 1878

Soraidh bh' uam thar stuadhan mòr-chuain
Dh'ionnsuidh 'n t-sluaigh 'tha 'n tir na mòr-bheann,
Fior Chloinn-Chamaroin, 'riamh bha deonach
'Sheasamh còir an aghaidh èucoir.

Dream nach meataichear le cruadal,
Air cho dian 's ga frasadh luaidhe,
'S dh' aindeoin braise 's nimh an fhuathais,
'Chosnadh buaidh, cha dual dhoibh gèilleadh.

A measg mhaithibh ard na rìoghachd,
Tha 'n Ceann-feadhna mar 'bha shinns'rean,
'Seasamh maith a's coir na tire-
Dileas ann an am ur h-èiginn.

'S e so Domhnull nan tri Domhnuill -
Stoc na craoibhe 'sgaoil a meoirean,
Tha na dion, 's na tlus, 's na comhdach,
'S na cuis bheo-shlainte do 'n fhèumach.

'Measg gach mùthadh cleachdaidh, 's foghlum,
Chairich tim air nò an t-saoghail,
Tha Lochiall na Thriath air daoine
'Dhearbh gum b'fhaoineis gun bhi reidh riu.

Dh' eireadh leis do Chlann nan Gaidheal,
Mar o shean a' ghleachd ri namhaid,
Buidheann thaghta, pailt an aireamh -
Siol nan armunn ri uchd strèipe.

A mac an àite 'n athar fhuaradh,
Anns gach linn air bith a chualar:
Sis an teidteas 'bha dhoibh dualach: -
Maise, 's uaisle, 's buadhan cèille.

'N gealladh 'thugadh 'dhaoine caoimhneil -
Seilbh 'bhi ac' san tir mar oighreachd -
Fhuair iad sid, gun airc, mar thoill iad,
Mar ri aoibhneas cloinn a's cèile.

Durachd mhaith a chridhe dh 'uamsa
Thun an àit 'tha fada tuath orm,
Far 'bheil Arcaig 'cluith ri bruachaibh,
'Ruith gu luath le fuaim a' tearnadh.

Duthaich m' athraiche s mo chairdeis
Anns an d' fhuair mi 'n toiseach m' arach,
Ged as cian uam nise 'tha i
Bi'dh mo bhaigh dh'i gus an eug mi.

Editor's NoteThis poem was included in the July 1878 issue of The Celtic Magazine, with the author listed as "Abrach, a Shliochd Shomhairle-Ruaidh," which places this individual as a MacSorlie, or Cameron of Glen Nevis.  The poem is listed as originating from "Melbourne, Australia."