Mission Statement

To Submit Content

A Song About the Present Lochiel
(Oran Do Lochiall a tha Lathair)
by Archibald MacDonald, the Uist Bard
(le Gilleaspuig Donallach am bard Uisteach)
circa 1784

O Thainig mi dhuthaich Lochiall,
Cha robh iad rium spiocach, na bochd,
Fhuair mi uil' iad na 'n comunn gun ghiomh,
Lan fialaichd, gun chrìne, gun sprochd,
Muintir ghasda dha 'n duchas deagh ainm,
Buidhean shealbhach fudh'n airm air gach cnoc,
Bha sud ann an duchas duibh riamh,
'S mor cliuiteach am bliadhn' ar ceann stoc.

Dhonuill òig, o na fhuair thu do chòir,
Lean am biuthas bu nòs, a's cha 'n olc,
Bi gu furanach, farasda, foil,
Ris na daoine nach deonaich do lochd,
Ni eirigh gu d' chuideachadh suas,
Na 'm faiceadh iad tuasaid teachd ort,
Rachadh ullamh gu rusgadh na 'n lann,
'S iad chaisgeadh an namhaid le toirt.

'S tu 'n gasan, tha eireachdail ard,
'S tu macant' gun ardan, gun mhoit,
'S tu 'n curaidh gun ghaise, gun fhiamh,
'S tu 'n gallan d'fhas sgiamhach le toirt,
Gu deas direach o d' mhullach gu d' bhonn,
'S deagh spiorad neo throm an do chorp,
Aghaidh shoilleir tha tha seirc ann do ghnuis,
Suil smiorail an diunlaoich fudh d' roisg.

Aghaidh shuilbhear a's taitneiche sunadh,
Aghaidh fhlathail, neo-ghruamach nach tais,
Aghaidh smachdail am bheil buirb', agus cruas,
Mu nithear do ghluasad gu brais;
Tha thu measail air sluagh ann sgach staid,
Sàr cheannard na'n gaisgeach bheir buaidh,
Thog thu suas iad gu cruadal gle mhoch.

Sàr cheannard san duit-sa bu dual,
Bhi gu fuasgailteach, cruadalach, glic,
Fhir a ghineadh, 'sa bhuaineadh o'n dream,
Fhuair urram sna streupan gu tric,
Buidhean fhuilteach nach geilleadh san stri,
Buidhean chunnbhalach, intleachdach, chlis,
Buidhean aigeantach, luthmhor gun fhoill,
Buidhean uabh'rach le sgionn a ghleidh meas.

Cha 'n e fochan an fholaich an sonn,
Ach an tabhall d' fhas trom ann san lios,
Dh'aindeoin doineanan faoillich, na mairt,
Cha chrion i, cha searg, a's cha bhris;
'S ann a bhitheas i fudh dhuilleach a ghna,
'S i cinntinn gu h ard le mor theas,
Fudh a sgaile bithidh fasga, a's blas,
Aig gach geig, bhitheas ag arach deagh mheas.

Cha chraobh mhosgain, na chrionaich a th'ann,
Ach an cuileann 'sgach am a bhitheas gorm,
Cha ghais sneachda, na gliobhaid an crann,
Na flichne, na geamhradh, na stoirm,
Slat dhe'n fhion fhuil dha 'n dligheach bhi ann,
'S a thainig gun ghanntar le foirm,
Cha bhi Camronaich tuille gun cheann,
'S ann a philleas an campar gu toirm.

Cha'n iongna leam idir an uaill,
Deigh's na fhuair iad de chruas, a's de chlaoidh,
Ri largan na'n gaisgeach bha uath,
B' fhearr alla, a's luadh ann san t saoghal,
'Nuair bha iad air fogradh, 's air chall,
'S an cuid fearainn san am sin dha'n dith,
Gus an tainig reachd rioghail an àigh,
Chuir dhathigh gach àrmunn gu thìr.

'Nuair a theid Achnacaraidh air doigh,
'S a ni Donull ann còmhnuidh le sith,
Thig cleachdan a shinsireachd beo,
'S freag'raidh creagan na mòintich do'n phiob;
Bithidh toil-inntinn aig d'uaislean, a's spòrs,
Theid mighean air fògradh, a's sgios,
Bithidh fudar ga losgadh gu leoir,
'S daimh chroic air an leònadh san fhrith.

Gu meal thu nis d'fhearan, a's d'inbhe,
Gach urram, gach briogh, a's gach àgh,
'S do phosadh ri maighdean dheas ghrinn
Dha'm bi' maise le aoidh, a's le gradh,
Dha'm bi' gliocas le fiosrach, 's le ceill,
Dha'm bi' cairdean bhitheas treun an deagh ainm,
Dha'm bi' urram gach subhailc, a's beùs,
Dha'm bi foghlum le cèutaidh gun mheang.

Leat a dh' eireas do chinnidh nach gann,
Gach meanglan gu ceannsgalach cruaidh,
'Nuair a thogar do bhratach ri crann,
Chithear darach san am ga chuir suas,
Bithidh gach treun-fhear, 'sgach fuiribi gun mheang,
Gu tartrach, neo-fhann, dol na 'n gluas'd,
Neal frioghail ro ghuineach na 'n deann,
Grad tharruing na 'n lann as an truaill.

Thig Gleann-aibheais a stuirt, a's a ceo,
Thig Calldaird gu stroiceach le fhuirt,
Thig an teaghlach dha'm buineadh an t Sron,
Ni iad rèubadh, a's leònadh air chuirp,
Leiter-fhiunllaidh, 's Loch-airceag gu dian,
Gleann-laoigh nach eil fiamhach san troid,
Thig Ceann-loch leat, Lòchaidh, 's Lochiall,
'S thig o Shuaineard gun ghiomh hugad cùs.

'S ioma cairid tha agad mu 'n cuairt,
A deas, a's a tuath, thig gu d' fheachd,
'S leat na Caimbeulaich cinnteach gu leoir,
Tha do cheangal ri 'n cleith, 's bithidh iad leat,
Loch na 'n Eala dhuit dileas gu leoir,
Teaghlach faramach, crodha, 'm bheil neart,
'S am Barrabreac cha diobair thu beo,
Bithidh e seasmhach an cònuidh le neart.

Bha Clann donuill co-aontach dhuit riamh,
'S ann ad' chomunn a dh'iaradh iad stad;
'S gach làraich 'nam tagraidh, na stri,
Bhiodh an claidhe gu dìleas cuir leat,
'S gach aon tha dhe Stiuartaich beo,
Bithidh iadsan gu deònach na d' thaic,
Cha 'n eil finneadh feagh Alba 'm bheil buaidh
Nach eil Camaronaich fuaight' riu gu beachd.

Tha do chairdeas ri iomadach dream,
Nach eol domh san am thoirt a steach,
Ged bu mhiann leam do leantainn san rann,
Tha m' fhiosracha gann ai do neart,
Le fin ni mi t'fhagail san am,
Ann an urram, an gradh, a's am meas,
Le guidhe deagh chliu, agus slaint,
Bhi ga d' leantainn mar chairdean am feasd.

Editor's Note:  This song celebrates the return of Donald Cameron of Lochiel, XXII Chief of Clan Cameron, to whom the Lochiel Estate was restored, subject to a large fine, in 1784.  It is a very positive song in nature, indicating that the Camerons were ready to follow Lochiel once again, and to "rise" if commanded to do so.