Mission Statement

To Submit Content

Do Shir Eoghan Lochiall, a chaochail 'sa bhliadhna 1719
by Domhnall Ban Bard
circa 1719

Tha mo chiabhan air glasadh
Tha iad liath o chionn fada;
So a bhliadhna 'ghreas m' aiceid,
A dh' f hag seannda mo leacan,
Gun mo cheannard 'am thaice;
Leam is bliadhna gach seachdain
Bhon ghluais Iain air aiseag do 'n Fhraing bhuainn.

Gur a beag mo chuis aighir,
Nach olc truagh leibh mo ghabhail,
Chaidh an tuagh bharr a samhich;
Ceannard gair' an t-sluaigh-chatha,
Dha 'm bu chaisteal an claidheabh,
Craobh 'bu shine de 'n abhall,
Tha 'n leab' uaigneach 'na laighe 'san team-pull.

Tha mo cridhe 'na sprudhar
Tha mo ghruaidheaa air dubhadh,
Tha mi cianail ro dhubhach,
Bhon f huaradh fath air ar buidheann
Air easan Feilige nan siubhal. -
Bu mhor an t-ainm 'bh' air ur pudhar
'Nuair a nochdt' am breid buidhe ri crann leibh.

'S mis' a dh' f haodadh a graitinn
Nach robh subhachas saibhir,
Gun robh dubhachas gearr bhuainn;
Bu dosgach toiseach a Mhairt dhuinn,
'San am 'n do shiubhail an t-armunn; -
Mur dig Iain gun f hardal,
No Ailain, a bhrathair,
A Righ, cuidich an t-alach a th' ann dinn.

Leoghann fuileachdach, euchdach,
Sunndach, flathasach, eibhinn,
Sar-mharcach nan steud thu,
Blar no carraid cha d' eisd thu,
'S tu gun cuireadh bho 'cheil' iad,
Is nach iarradh an reite;
Bu leat onair na Feinne,
Dhearbh is chomhdich thu fhein anns gach ball e.

'Nuair a dh' eireadh do shluagh leat,
Meanmnach, aigeannach, uaibhreach,
Fraochail, fuilteachail, buadhail,
Cha bu tilleadh bu dual dhuit;
Do chinn-fine mu 'd ghuaillibh,
Cha b' ann le giorag a ghluaist' iad,
'Dol an iomirt an f huathais;
Naile chuirteadh leat ruaig air do naimhdean.

'S iomadh buaidh 'bh' ort ri 'thaghadh;
'Dol an lathir an lagha,
Cha bu sgathaire cladhair'
Thu 'chur cuis' air a h-adhart,
Bhiodh tu dan ann an aghidh;
Bha thu ard ann am fradhare,
'N ceill, an gliocas, 's am meomhir deagh chainnte.

'Chuis 'bu chruaidhe ga leanailt
'S tu gum fuasgleadh gach sparrag;
Gum biodh t' uaislean aig baile,
'S bhiodh do thuath ort mar eallach;
Bu bheag an curam a ainnis
'S tu mar churing 's mar dhainginn;
'Dol air beulabh gach barra
Cha togteadh dhiot cealag gun challdach.

'S math a mharich thu 'n saoghal,
Bha aoidh Dhia agus dhaoin' ort;
Cha bu ghliocas 'dh-f hear t' aobhir
Teachd le nitheanibh faoin' ort,
Teachd gun f hios ort cha n-f haodteadh;
Cha bu shugradh do chaonnaig
'Bhi ga dusgadh gun aobhar;
Bu tric fuil agus faobh air do naimhdean.

'S og a dhearbh thu do ghaisge,
'Fhir bu chuimhnich' air tapadh;
Rinn thu seasamh gun snasadh
Ann an aghidh gach prasgain;
Bhiodh tusa gach maduinn,
Gach aon latha 'cur as daibh;
Cha leigheadh fiamh dhaibh cead cadil 'nan campa.

'Nuair 'thanic ainneart fir Shasinn,
'N deidh righ Tearlach a ghlacadh,
'S a chur gu bas ann an aithghearr,
'S a bha gach rioghachd air snasadh,
'S a gheill Albinn le bagradh,
'Liubhirt arm 's gan toirt seachad,
Gun na ghearradh biadh-maidne,
Gum bu mheasail na h-Abrich 'san am sin.

Ged bha feachd le droch dhurachd
'Staigh an cridhe do dhuthcha,
'Togail bhallachan dubilt',
Cha n-f hac dithis no aon duin'
Taigh no leanabh ga rusgadh,
Mart 'ga gearradh fo 'luighean,
'S thu f hein mar bhuachaille cuil orr',
Aig meud an eagail 'san curim roimh d' cheannsgal.

Sheas thu corr is tri bliadhna;
Fhuair thu reit' agus siochaint,
Agus onair, 's gum b' f haich thu;
Bha 'n airm f hein aig do lionsgair,
Air gach cabhsair 'gam fiachinn,
Gun am mionnan 'gan iarridh,
'Nuair nach faigheadh cach sgian fo 'n comannda.

'Nuair 'than' an dligheach gu 'aite,
Oighr' a chruin a bh' air Tearlach,
Is a chaidh thu 'na lathir,
'Dheanamh umhlachd d'a ghrasan
'S 'thoirt do chlaidhibh a sgabart,
Thug e earail d'a gheardibh
Gun t' airm a ghabhail a d' laimh bhuait,
'S thug e teisteanas laidir
Gun robh thu dileas le d' phairtibh 'n am ainneirt.

Oidhch' Ardrainich an toitail
Thilg a ghraisg ort mar spot e;
Bha na tighearnan goirt dheth,
Trom chreuchdach, fo lotibh;
Bha Diuc Atholl gu h-olc dhuit,
Ach gun chridh' aig' a nochdadh, -
Gun do ghleidh thu do phosta 'g a an-toil.

Latha sin Shiorra-mi-uir,
Latha dosgach a mhi-ghrais,
Bha iomadh duine fo mhi-chliu,
'S do luchd-muinntir fo mhighean
Aig faoin thuaileas luchd mioruin, -
Dream nach b' urrinn co-strith ruibh,
'S nach gabhadh orra gu dilinn
Ri linn teachd dhaibh 'ad f hianis
Nach bidheadh iad dileas 's gach am dhuit.

'S an Aird'-an Iar am measg f hearibh
Fear do ghniomh bha ro-ainneamh.
Chum thu seilbh a cheart aindheoin
Air gach oirleach dhe t' f hearann,
'S bha gach namhid 'na chaird;
Fhuair thu reite Mhic-Cailain,
'S Mhorair Hunndidh nan seang-each; -
Cha robh feum dhaibh bhi 'd leanailt; -
'S thug Mac-an-Toisich coir thairis le taing dhuit.

Cha robh Seanilair aite,
A f huair comas, air airde,
Ann san t-seirbhis 'bu ghnath leat,
An am cruinneachadh Ghaidheal,
No suidheachadh larich,
No fuathais mo gabhidh,
Nach iarradh thar chaich thu; -
Naile ghabhadh iad pairt dhe d' thoil chainnte.

Gum bu shona do shluagh dheath,
'S aid fo d' thearmunnn a gluasad; -
Saighail, onarach, buadhail,
Le ceill, is gliocas, is cruadal,
'S anns gach meas mar bu dual dhaibh,
Gun an gleachdair bhi 'n uachdar,
No neach a nochdadh 'san uair sin daibh naimhdeas.

Beirt a 's measa 'rinn t' uaislean,
'S iad an lathair san uair sin,
'N deidh gach urram a f huair thu,
'S gur tu b' urra gum fuasgladh
Aig a bhail' agus uaithe,
'N am 'bhi 'treachailt na h-uaghach
Dha d' chorp prisail gun truailleadh,
Nach do nochd iad do shuaicheantas teann ort.

Editor's Note:  Domhnall Ban Bard was probably a native of Lochaber and a Cameron.  He was the great grandfather of Ewen Maclachlan, the celebrated Gaelic scholar.